12/06/2010
aonar ~ a h-aon, aon, aonan
'S ann à aon + fhear 'aon duine' a tha aonar bho thùs, ach tha e cuingealaichte an-diugh ris an abairt an + buadhair seilbheach + aonar: nam aonar 'leam fhèin', nad aonar 'leat fhèin' 7c. Gu bhith a' bruidhinn air aon nì no air aon duine, cleachdar a h-aon (chan eil a h-aon agamsa ach tha a dhà agadsa) no aon no aonan, a rèir dualchainnt; mar sin, is ionann chan eil a h-aon agam agus chan eil aonan agam. Air neo cleachdar fear no tè, a rèir gnè an rud air a bheileas a' bruidhinn: (glainne uisge-bheatha) tè bheag.
11/22/2010
a rèir coltais ~ a rèir choltais
An seo, tha coltas san tuiseal ghinideach an dèidh an roimheir fhillte a rèir (< do rèir), coim. a rèir na h-aimsire, a rèir an t-sluaigh. Ach gheibhear a rèir choltais, agus coltais air a shèimheachadh, gu math tric an-diugh, ged nach eil e gu buileach soilleir carson. Is math dh'fhaodte gur h-e buadhair seilbheach do-mhùthaidh (.i. a (fireann) + sèimheachadh) as adhbhar dha, mar a tha ann an ri chèile 7c.
11/15/2010
's eadh
Cleachdar 's eadh – sgrìobhar seadh agus cluinnear sheadh cuideachd – gus aontadh neo-àraidh a chur an cèill; àicheil chan eadh (nas sine ni h-eadh), ceisteach an eadh? 'S e riochdar neodrach a th' ann an eadh (seach e fir. no i boir.). Gheibhear eadh cuideachd ann am mar gum b' eadh 'mar gun canadh tu', ann an gidheadh 'ge-tà, a dh'aindeoin sin' agus ann an eadhon 'is e sin; fiù agus'. Anns an t-seagh 'is e sin', gabhaidh eadhon giorrachadh gu .i. ann an sgrìobhadh. B' e .i. an samhla Laidinn a bh' air an Laidinn id est 'is e sin' agus, seach gun leughte .i. gu tric mar id 'sin' fhèin, chaidh a thionndadh dhan t-Sean Ghàidhlig mar ed-ón 'sin', no eadhon mar a tha e againn an-diugh. Tha .i., a-rèist, co-ionann ri i.e. a chleachdar sa Bheurla.
11/08/2010
An uimhir dheise
Cleachdar an uimhir dheise ann an co-bhonn ris a' bhuadhair àireamhail dà: dà bhothan mhòr. 'S e an a tha anns an alt deise anns a h-uile h-àite (an dà bhothan mhòr) ach san tuiseal ghinideach bhoireann, far an tèid e na na (air cùl na dà bhothaig mòire). Tha an cruth bunasach deise aig ainmearan fireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth bunasach singilte; tha cruth bunasach deise aig ainmearan boireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth tabhartach singailte, far an tèid litir dheiridh leathann a chaolachadh: (bun.) dà cheann mhòr, mo dhà làimh mhòir; (gin.) air chùl an dà chinn mhòir, air chùl mo dhà làimhe mòire; (tabh.) air an dà cheann mhòr, air mo dhà làimh mhòir. Mar a chithear gu h-àrd, thèid an t-ainmear a shèimheachadh le dà agus thèid buadhair càileach a shèimheachadh leis an ainmear dheise ach san tuiseal ghinideach bhoireann (air chùl mo dhà làimhe mòire).
11/02/2010
air
Tha an roimhear air sa chànan an-diugh a' tàrmachadh ann an trì diofar thobraichean san t-Sean Ghàidhlig: (1) SG for (gun sèimheachadh) 'air mullach, os cionn': air bòrd, air do cheann; (2) SG ar (le sèimheachadh) 'airson, air sgàth, a chionn': air chall, air ghleus, air thoiseach, air dheireadh – ged nach eil an sèimheachadh an-còmhnaidh seasmhach ann an air dhòigh ~ air dòigh; agus (3) SG íar (le srònachadh) 'an dèidh', a chleachdar an-diugh gus aogas coileanta a chur an cèill: tha e air an leabhar a leughadh, air dhomh falbh.
10/30/2010
a-rèist ~ a rèir
Am bitheantas, sgrìobhar co-ghnìomhairean a tha nan roimhear + ainmear le tàthan:
a-rèist 'mar sin dheth', cuideachd am-bliadhna, an-àird(e), a-muigh, ach sgrìobhar roimhearan fillte a tha nan roimhear + ainmear gun tàthan, seach gun gabh iad mùthadh: a rèir (a' chiad phearsa singilte: dham rèir-sa), a dh'ionnsaigh (3s iol.: dhan ionnsaigh), a thaobh (3s iol.: dhan taobh-san); am measg (1d iol.: nar measg); às aonais (2ra sing.: às d' aonais), às leth (3s sing. fir. no boir.: às a leth).
a-rèist 'mar sin dheth', cuideachd am-bliadhna, an-àird(e), a-muigh, ach sgrìobhar roimhearan fillte a tha nan roimhear + ainmear gun tàthan, seach gun gabh iad mùthadh: a rèir (a' chiad phearsa singilte: dham rèir-sa), a dh'ionnsaigh (3s iol.: dhan ionnsaigh), a thaobh (3s iol.: dhan taobh-san); am measg (1d iol.: nar measg); às aonais (2ra sing.: às d' aonais), às leth (3s sing. fir. no boir.: às a leth).
10/28/2010
ainmearan trusaidh
Tha ainmear trusaidh na ainm air còmhlan de rudan: crodh (fir.) 'bà', muinntir (boir.) 'daoine', clann (boir.) 'pàistean', feadhainn (boir.) 'caochladh rudan'. Iolra ann am brìgh (bha a' chlann a' cluich a-muigh is tha iad sgìth), 's ann a tha an t-ainmear trusaidh singilte an gràmar (a' chlann, leis a' chloinn, airson na cloinne), ged a gheibhear uaireannan cruthan le buadhairean iolra nan cois, m.e. an fheadhainn bheaga an àite an fheadhainn bheag. San t-seagh 'fine, sluagh', ge-tà, tha cruth iolra aig an fhacal clann: (sing.) Clann Raghnaill, (iol.) clanna nan Gàidheal.
Subscribe to:
Posts (Atom)