19.9.11

foghain, a' fòghnadh

Nochdaidh an gnìomhair foghain 'bidh gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh.

27.3.11

dè fo ghrian ...?

'S e ainmear boireann à Rang 2 (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th' ann an grian: bun. tha a' ghrian a' dol fodha; gin. aig dol fodha na grèine; tabh. na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a' chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? 'dè air thalamh a tha sin?'. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal tabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam 'chan eil teagamh sam bith agam', ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th' ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur 'fo ghrian nan nèamh' agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin?

13.3.11

aon cheud, dà cheud, trì cheud ...

A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, far am biodh dùil ri sèimheachadh co-dhiù an dèidh aon agus , gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù 's còig cheud ann an corra dhualchainnt, le sèimheachadh de ceud, far nach biodh dùil idir ris. 'S e fuigheall fìor àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhiodh dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach - le chèile an tuiseal bunasach againne - agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG trí 'trì' agus cethair 'ceithir' sna suidhichean ud. Feumaidh e bhith, a-rèist, gur h-e cruthan gu math sean a th' ann an trì cheud agus ceithir cheud is gum bi iad a' leantainn riaghailtean àraidh na Sean Ghàidhlig.

Bha na h-àireamhan 5-10 eadar-dhealaichte. 'S e srònachadh a bhiodh a' leantainn nan àireamhan 6-10 san t-Sean Ghàidhlig, mùthadh nach aithnichear tuilleadh san t-suidheachadh sin an-diugh. Ach bhiodh sèimheachadh a' leantainn SG cóic 'còig'. Chan e a h-uile dualchainnt idir a chleachdas còig cheud ach, far an cleachd, ma-thà, is math dh'fhaodte gur h-ann mar thoradh air fìor sheann riaghailt a tha sin cuideachd.

Air uairean, tha an sèimheacheadh seo air a sgaoileadh gu facail eile le c- thoisich, gu
h-àraid le ainmean cumanta a leithid trì choin, còig chaoraich 7c, ach chan eil pàtran cunbhalach ann.

28.2.11

Loch a' Bhaile na Dùine

A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainm seo ceàrr, agus dà alt (a' agus na) a' nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh'ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a' Ghearasdain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, agus, ma bhios an t-ainmear deireannach deimhinnte mu thràth, cha bhi an t-alt a' nochdadh idir idir, m.e. muinntir Ghlaschu. (An seo, tha am facal muinntir, agus e a' treòrachadh an ainmeir na dhèidh san tuiseal ghinideach, deimhinnte mar a tha.) Mothaichibh cuideachd nach bi ach an t-ainmear mu dheireadh san t-sreath san tuiseal ghinideach: ceann earball a' choin (chan e *ceann earbaill a' choin).

'S ann a tha Loch a' Bhaile na Dùine na mhura-bhith an seo: tha dà loch nan laighe faisg air a chèile air taobh siar Leòdhais, an dàrna fear anns a' bhaile air a bheil Tolstadh mar ainm agus am fear eile anns a' bhaile air a bheil an Dùn. Gabhaidh sgaradh a dhèanamh eadar an dà loch, ge-tà, le bhith ag ainmeachadh a' bhaile dham buin iad: Loch a' Bhaile Tholstaidh air an dàrna làimh agus Loch a' Bhaile na Dùine air an làimh eile - mar a chithear, thèid an riaghailt cho-rèir àbhaisteach a bhriseadh leis an dà ainm.

13.2.11

air beulaibh

Bhite a' faicinn an roimheir air beulaibh 'ro, fa chomhair' air a sgrìobhadh air beulaobh air uairean (m.e. ann an Dwelly), mar gum b' ann à beul thaobh a thàinig an abairt, ach 's e sean chruth tabhartach iolra a th' ann am beulaibh 'beòil'. Tha an aon chruth ri fhaicinn ann an air cùlaibh 'an dèidh, air an taobh chùil'. Bha uair a bha an dùnadh tabhartach iolra -(a)ibh na bu chumanta ach, a bharrachd air air beulaibh is air cùlaibh, chan fhaicear e ach ann an corra abairt san latha an-diugh, m.e. a-chianaibh (< cian, mar ainmear, 'ùine, cuairt ùine') 'bho chionn greis'; an caraibh (< car): chaidh iad nan caraibh 'ghreimich iad ri chèile', gach aon nì a thig na charaibh 'a h-uile rud a thig na rathad'. Chithear an dùnadh cuideachd ann an gnàth-fhacail no seanfhacail, m.e. Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile 'slòigh nan Gàidheal ann an guaillean a chèile (.i. a' cur taic ri chèile)', a gheibhear, mar eisimpleir, san riochd 'Na Gàidheil an guaillibh a chèile', òran a rinn Calum MacPhàrlain (à Earra-Ghàidheal is Pàislig, 1853-1931), agus san riochd Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile san òran 'Ri Guaillibh a Chèile' le Donnchadh Reid (à Cinn-tìre, 1849-1912).

6.2.11

Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

'S e fìor sheann ainm a th' ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e 'oirthir Ghàidheal' as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh airer na earr/earra (coim. 1560 Errghaodheal). Tha am facal Gàidheal san ainm Earra-Ghàidheal san tuiseal ghinideach iolra agus 's e sin as coireach gu bheil sèimheachadh san ainmear (coim. mòran bhalach), agus 's e sin as coireach nach tèid am facal a chlaonadh nuair a bhios an t-ainm fhèin san tuiseal ghinideach, m.e. muinntir Earra-Ghàidheal (chan e *muinntir Earra-Ghàidheil): 's ann a tha e san tuiseal ghinideach iolra mu thràth. Tha an t-ainm Innse Gall a cheart cho sean ri Earra-Ghàidheal ach nas sine ann an cruth. 'S ann à SG Insi Gall 'eileanan Ghall no eileanan choigreach' a tha Innse Gall, agus gall san tuiseal ghinideach iolra mar a tha Gàidheal ann an Earra-Ghàidheal. Ach, fhad 's a chaidh Gàidheal a shèimheachadh san ainm Earra-Ghàidheal a rèir riaghailtean na Nuadh Ghàidhlig, cha do thachair a leithid ri Gall ann an Innse Gall, agus e a' gleidheadh a fhìor shean chruth.

30.1.11

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i, cha mhòr nach deach i na luairean', theab e a bheatha a chall san tubaist sin 'cha mhòr nach do chaill e a bheatha ...', theab a' chraobh tuiteam 'cha mhòr nach do thuit a' chraobh', an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh san tubaist sin 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...', 'theabadh a' chraobh a leagail 'cha mhòr nach deach a' chraobh a leagail'. Dh'aithriseadh sgeulachd neònach mu thuathanach a bha fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh ithe beò leotha.

15.1.11

an-dràsta ~ a-nise

'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois. Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 'S e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta. (b) Tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a) Chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a) Tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta. (b) Tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a) Mar sin leat an-dràsta. (b) Dè leughas tu nis? Clisgeach: (b) Nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a) An-dràsta is a-rithist.

10.1.11

Bidh thu ann a-màireach, nach bi? Bithidh.

Tha bidh (gun bheum: Bidh e ann aig còig.) na chruth lùghdaichte à bithidh (SG bíid, beumte: Am bi e ann? Bithidh.), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG ) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean gnìomhaireach (Am bi thu fhèin ann? Cha bhi.) no naisgearan (Thuirt i gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann.).

3.1.11

a' Challainn

Facal Laidinn (kalendae) bho thùs a chaidh na calainn/callainn, gin. cailne/caille,
san t-Sean Ghàidhlig. Sgrìobhar Callainn, gin. Callainn(e), an Gàidhlig na h-Albann, ach gheibhear Caileann (cho math ri Calann) an Gàidhlig na h-Èireann, a tha, a rèir choltais, na chùl-chinntinn air cailne gin. > caileann bun., coim. muilne gin. < muileann bun. 'S e 'a' chiad latha den mhìos' a bu chiall dhan fhacal an toiseach, mus deach a chuingealachadh gu 'a' chiad latha den bhliadhna', .i. Latha na Bliadhna Ùire; às an sin, Oidhche Challainn(e), .i. an latha ron Challainn.