13.2.11

air beulaibh

Bhite a' faicinn an roimheir air beulaibh 'ro, fa chomhair' air a sgrìobhadh air beulaobh air uairean (m.e. ann an Dwelly), mar gum b' ann à beul thaobh a thàinig an abairt, ach 's e sean chruth tabhartach iolra a th' ann am beulaibh 'beòil'. Tha an aon chruth ri fhaicinn ann an air cùlaibh 'an dèidh, air an taobh chùil'. Bha uair a bha an dùnadh tabhartach iolra -(a)ibh na bu chumanta ach, a bharrachd air air beulaibh is air cùlaibh, chan fhaicear e ach ann an corra abairt san latha an-diugh, m.e. a-chianaibh (< cian, mar ainmear, 'ùine, cuairt ùine') 'bho chionn greis'; an caraibh (< car): chaidh iad nan caraibh 'ghreimich iad ri chèile', gach aon nì a thig na charaibh 'a h-uile rud a thig na rathad'. Chithear an dùnadh cuideachd ann an gnàth-fhacail no seanfhacail, m.e. Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile 'slòigh nan Gàidheal ann an guaillean a chèile (.i. a' cur taic ri chèile)', a gheibhear, mar eisimpleir, san riochd 'Na Gàidheil an guaillibh a chèile', òran a rinn Calum MacPhàrlain (à Earra-Ghàidheal is Pàislig, 1853-1931), agus san riochd Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile san òran 'Ri Guaillibh a Chèile' le Donnchadh Reid (à Cinn-tìre, 1849-1912).