6.12.10

aonar ~ a h-aon, aon, aonan

'S ann à aon + fhear 'aon duine' a tha aonar bho thùs, ach tha e air a chuingealachadh an-diugh ris an abairt an + buadhair seilbheach + aonar: nam aonar 'leam fhèin', nad aonar 'leat fhèin' 7c. Gu bhith a' bruidhinn air aon nì no duine, cleachdar a h-aon (chan eil a h-aon agamsa ach tha a dhà agadsa) no aon no aonan, a rèir dualchainnt; mar sin, is ionann chan eil a h-aon agam agus chan eil aonan agam. Air neo cleachdar fear no , a rèir gnè an rud air a bheileas a' bruidhinn: (glainne uisge-bheatha) tè bheag.