22.11.10

a rèir coltais ~ a rèir choltais

An seo, tha coltas san tuiseal ghinideach an dèidh an roimheir fhillte a rèir (do rèir), coim. a rèir na h-aimsire, a rèir an t-sluaigh. Ach gheibhear a rèir choltais, agus coltais air a shèimheachadh, gu math tric an-diugh, ged nach eil e gu buileach soilleir carson. Is math dh'fhaodte gur h-e buadhair seilbheach reòthte, .i. a (fireann) + sèimheachadh, as adhbhar dha, mar a tha ann an ri chèile 7c.

15.11.10

's eadh

Cleachdar 's eadh - sgrìobhar seadh mar as trice agus cluinnear sheadh cuideachd - gus aontadh neo-àraidh a chur an cèill; àicheil chan eadh (nas sine ni h-eadh), ceisteach an eadh?. 'S e riochdar neodrach a th' ann an eadh (seach e fir. no i boir.). Gheibhear eadh cuideachd ann am mar gum b' eadh 'mar gun canadh tu', ann an gidheadh 'ge-tà, a dh'aindeoin sin' agus ann an eadhon 'is e sin; fiù agus'. Anns an t-seagh 'is e sin', gabhaidh eadhon giorrachadh gu .i. ann an sgrìobhadh. B' e .i. an samhla Laidinn a bh' air an Laidinn id est 'is e sin' agus, seach gun leughte .i. gu tric mar id 'sin' fhèin, chaidh a thionndadh dhan t-Sean Ghàidhlig mar ed-ón 'sin', no eadhon mar a tha e againn an-diugh. Tha .i., a-rèist, co-ionnan ri i.e. a chleachdar sa Bheurla.

8.11.10

An uimhir dheise

Cleachdar an uimhir dheise ann an co-bhonn ris a' bhuadhair àireamhail : dà bhothan mhòr. 'S e an a tha anns an alt deise anns a h-uile h-àite (an dà bhothan mhòr) ach sa ghinideach bhoireann, far an tèid e na na (air chùl na dà bhothaig mòire). Tha cruth deise an ainmeir agus a' bhuadhair co-ionnan ris an t-singilte ach san tuiseal bhunasach bhoireann, far an tèid litir dheireannach leathann a chaolachadh (.i. tha coltas an tuiseil tabhartaich bhoireann shingilte orra): (bun.) dà cheann mhòr, mo dhà làimh mhòir; (gin.) air chùl an dà chinn mhòir, air chùl mo dhà làimhe mòire; (tabh.) air an dà cheann mhòr, air mo dhà làimh mhòir. Mar a chithear gu h-àrd, thèid an t-ainmear a shèimheachadh le agus thèid buadhair càileach a shèimheachadh leis an ainmear ach san tuiseal ghinideach bhoireann (air chùl mo dhà làimhe mòire).

2.11.10

air

Tha an roimhear air sa chànan an-diugh a' tàrmachadh à trì diofar thobraichean eadar-dhealaichte san t-Sean Ghàidhlig: (1) SG for (gun sèimheachadh) 'air mullach, os cionn': air bòrd, air an uinneig, air do cheann; (2) SG ar (le sèimheachadh) 'airson, air sgàth, a chionn': air chall, air cheann, air chois, air ghleus, air thoiseach, air dheireadh, air uairean - ged nach eil an sèimheachadh an-còmhnaidh seasmhach ann an air dhòigh ~ air dòigh; agus (3) SG íar (le srònachadh) 'an dèidh', a chleachdar an-diugh gus aogas coileanta a chur an cèill: tha e air an leabhar a leughadh, air dhomh falbh.