6.2.11

Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

'S e fìor sheann ainm a th' ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e 'oirthir Ghàidheal' as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh airer na earr/earra (coim. 1560 Errghaodheal). Tha am facal Gàidheal san ainm Earra-Ghàidheal san tuiseal ghinideach iolra agus 's e sin as coireach gu bheil sèimheachadh san ainmear (coim. mòran bhalach), agus 's e sin as coireach nach tèid am facal a chlaonadh nuair a bhios an t-ainm fhèin san tuiseal ghinideach, m.e. muinntir Earra-Ghàidheal (chan e *muinntir Earra-Ghàidheil): 's ann a tha e san tuiseal ghinideach iolra mu thràth. Tha an t-ainm Innse Gall a cheart cho sean ri Earra-Ghàidheal ach nas sine ann an cruth. 'S ann à SG Insi Gall 'eileanan Ghall no eileanan choigreach' a tha Innse Gall, agus gall san tuiseal ghinideach iolra mar a tha Gàidheal ann an Earra-Ghàidheal. Ach, fhad 's a chaidh Gàidheal a shèimheachadh san ainm Earra-Ghàidheal a rèir riaghailtean na Nuadh Ghàidhlig, cha do thachair a leithid ri Gall ann an Innse Gall, agus e a' gleidheadh a fhìor shean chruth.