30.1.11

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i, cha mhòr nach deach i na luairean', theab e a bheatha a chall san tubaist sin 'cha mhòr nach do chaill e a bheatha ...', theab a' chraobh tuiteam 'cha mhòr nach do thuit a' chraobh', an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh san tubaist sin 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...', 'theabadh a' chraobh a leagail 'cha mhòr nach deach a' chraobh a leagail'. Dh'aithriseadh sgeulachd neònach mu thuathanach a bha fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh ithe beò leotha.