3.1.11

a' Challainn

Facal Laidinn (kalendae) bho thùs a chaidh na calainn/callainn, gin. cailne/caille,
san t-Sean Ghàidhlig. Sgrìobhar Callainn, gin. Callainn(e), an Gàidhlig na h-Albann, ach gheibhear Caileann (cho math ri Calann) an Gàidhlig na h-Èireann, a tha, a rèir choltais, na chùl-chinntinn air cailne gin. > caileann bun., coim. muilne gin. < muileann bun. 'S e 'a' chiad latha den mhìos' a bu chiall dhan fhacal an toiseach, mus deach a chuingealachadh gu 'a' chiad latha den bhliadhna', .i. Latha na Bliadhna Ùire; às an sin, Oidhche Challainn(e), .i. an latha ron Challainn.