1/10/2011

bidh tu ann a-màireach, nach bi? bithidh

Tha bidh (gun bheum: bidh e ann aig còig) na chruth lùghdaichte aig bithidh (SG bíid, beumte: am bi e ann? bithidh), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG ) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean ro-ghnìomhaireach (am bi thu fhèin ann? cha bhi) no an dèidh (tha i ag ràdh gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann).