30.9.10

thall ~ a-null

Ma tha tè a' fuireach ann an dùthaich eile, chanadh tu gu bheil i thall thairis. Mura deach i ann fhathast, ge-tà, chanadh tu gum bi i a' dol a-null thairis, leis a' cho-ghnìomhair thall air a dhol na a-null agus gluasad ann.

26.9.10

suidheachadh > suidhichean

Ainmear ioma-lideach sam bith aig a bheil an dùnadh -adh (uile fireann), thèid e na -aidh san tuiseal ghinideach agus na -aidhean san iolra: dùnadh, gin. dùnaidh, iol. dùnaidheansuidheachadh, gin. suidheachaidh, iol. suidheachaidhean. Gabhaidh faclan ann an -achaidhean giorrachadh ann an cuid de dhualchainntean: suidheachaidhean > suidhichean.

21.9.10

'tha mi a-mach às an oifis'

Beurlachas a tha seo. Ma tha e a' ciallachadh dad, tha e ag ràdh gu bheil thu a' gluasad bho thaobh a-staigh gu taobh a-muigh na h-oifis. A thaobh àite, 's e a-mach 'air ghluasad' agus a-muigh 'air stad'. Gus innse nach eil thu gu bhith san oifis airson greis air adhbhar air choreigin, feuch, mar eisimpleir, cha bhi mi air ais san oifis gu ..., bidh mi air falbh bhon oifis gu ... 7c.

19.9.10

cuid

Tha cuid na ainmear boireann: a' chuid mhòr, airson na cuid mòire (cuideachd airson na codach mòire). Bidh ainmear às a dhèidh san tuiseal ghinideach: mo chuid bidhe, do chuid teaghlaich, a chuid aodaich, a cuid Gàidhlig.

17.9.10

rud sam bith, duine sam bith

'S e cruth do-mhùthadh a th' ann an sam bith, a' ciallachadh 'anns a' bhith, anns an t-saoghal'. Abairt àrsaidh bho ron 16mh linn, mus d' fhuair sèimheachadh làmh an uachdair air bàthadh (dèan sgaradh eadar GA air a' bhàta, le sèimheachadh, agus GE ar an mbád, le bàthadh).

16.9.10

math d' fhaicinn ~ gad fhaicinn

Is math d' fhaicinn no tha e math d' fhaicinn agus, gu goirid, math d' fhaicinn 'tha mi toilichte coinneachadh riut'; san tràth chaithte: bu mhath d' fhaicinn, bha e math d' fhaicinn. 'S ann a tha structair eile aig bidh mi gad fhaicinn 'chì mi a-rithist thu'.

15.9.10

càil a dh'fhios

Chan eil càil a dh'fhios agam 'chan eil fios agam idir'. Gabhaidh an roimhear de dùblachadh (> de dh' no a dh') ro fhuaimreagan agus f + fuaimreag: dè na th' agad de dh'airgead?; cha robh uiread de dh'fheum ann; chan eil càil a dh'fhios agam.

13.9.10

leabhar Gàidhlig, bàrdachd Ghàidhlig

Ged a tha am facal Gàidhlig na ainmear, thèid a chleachdadh mar bhuadhair, agus e air a shèimheachadh a rèir gnè an ainmeir 7c: leabhar Gàidhlig (fir.), crìoch an leabhair Ghàidhlig (gin. fir.), bàrdachd Ghàidhlig (boir.), a' leughadh na bàrdachd Gàidhlig aice fhèin (gin. boir.). Gu foirmeil, 's ann anns an tuiseal ghinideach a tha e sna h-eisimpleirean a tha seo.

10.9.10

an duine as àirde cliù

An duine as àirde cliù 'an duine aig a bheil an cliù as àirde'. 'S ann a tha cliù anns an tuiseal bhunasach an seo, coim. am fear as luaithe làmh 'am fear aig a bheil an làmh as luaithe'.

9.9.10

cùl-fhiosrachadh ~ cùl-fhiosrachaidh?

Tha am prìomh bheum air cùl, a tha na bhuadhair an seo; 's e fiosrachadh an t-ainmear, air a shèimheachadh leis a' bhuadhair: cùl-fhiosrachadh (coim. trom-chadal), gin. cùl-fhiosrachaidh.