15.1.11

an-dràsta ~ a-nise

'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois. Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 'S e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta. (b) Tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a) Chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a) Tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta. (b) Tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a) Mar sin leat an-dràsta. (b) Dè leughas tu nis? Clisgeach: (b) Nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a) An-dràsta is a-rithist.