28.2.11

Loch a' Bhaile na Dùine

A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainm seo ceàrr, agus dà alt (a' agus na) a' nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh'ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a' Ghearasdain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, agus, ma bhios an t-ainmear deireannach deimhinnte mu thràth, cha bhi an t-alt a' nochdadh idir idir, m.e. muinntir Ghlaschu. (An seo, tha am facal muinntir, agus e a' treòrachadh an ainmeir na dhèidh san tuiseal ghinideach, deimhinnte mar a tha.) Mothaichibh cuideachd nach bi ach an t-ainmear mu dheireadh san t-sreath san tuiseal ghinideach: ceann earball a' choin (chan e *ceann earbaill a' choin).

'S ann a tha Loch a' Bhaile na Dùine na mhura-bhith an seo: tha dà loch nan laighe faisg air a chèile air taobh siar Leòdhais, an dàrna fear anns a' bhaile air a bheil Tolstadh mar ainm agus am fear eile anns a' bhaile air a bheil an Dùn. Gabhaidh sgaradh a dhèanamh eadar an dà loch, ge-tà, le bhith ag ainmeachadh a' bhaile dham buin iad: Loch a' Bhaile Tholstaidh air an dàrna làimh agus Loch a' Bhaile na Dùine air an làimh eile - mar a chithear, thèid an riaghailt cho-rèir àbhaisteach a bhriseadh leis an dà ainm.