4/20/2018

Glòr-shùileach

Bha Suki glòr-shùileach, mar a chithear san dealbh a rinneadh lem mhac aig aois a deich, .i. walled-eyed sa Bheurla san t-seagh seo, an dàrna brìgh aig an OED: ‘having one or both eyes of an excessively light colour, so that the iris is hardly distinguishable from the white ... having eyes of a different colour, having eyes or an eye streaked or partcoloured ... having a divergent squint which exposes an excessive proportion of the white of the eye’. Sna faclairean Gàidhig, gheibhear sùil-leusach, geal-shùileach, sgiath-shùileach, glòr-shùileach, glòir-fhionn, glòirionn agus toiche leis a’ bhrìgh ‘wall-eyed’. Gabhaidh sùil-leusach tuigsinn agus leus ‘solas’ ag amas air gilead no bàinead na sùla; an dearbh rud aig geal-shùileach. Tha sgiath-shùileach a’ toirt air duine smaoineachadh air ‘wall-eyed with astonishment’, .i. balg- no clach-shùileach agus sgiath ag amas air cruinnead na sùla. ’S ann a tha GA glòr à SG glór ‘fìorghlan, soilleir, deàlrach’ ag amas air bàinead na sùla mar an ceudna (coim. GE glór-shúileach). Saoilear gum math dh’fhaodte gur h-e cruth nas tràithe aig glúair (coim. Dwelly gluair) a th’ ann an glór (DIL). ’S e riochd teasgaichte (geàrrte) a th’ ann glòirionn à glòir-fhionn agus brìgh a’ bhuadhair glòr air a dùblachadh leis a’ bhuadhair fionn ‘geal, bàn’. Is dòcha gur h-e mearachd air toichd a th’ ann an toiche (Shaw 1780, nach cleachd stràcan), .i. tòichd coim. tòc no tòchd ‘at; atadh’; Dwelly tòc ‘galar nan sùilean, gu seach àraidh ann an caoraich’; Uibhist a Deas tòchd ‘galar ann an sùilean cruidh’ (An t-Athair Ailean MacDhòmhnaill); cuideachd, Dwelly ‘pink eye in horses [.i. conjunctivitis]’ ag amas air a’ bhrìgh ‘cruinn, air atadh, air brùchdadh’, mar a bhios sgiath.
Chan eil dàimh aig a’ bhuadhair glòr ri glòr f. ‘cainnt’ no ri glòir b. ‘greadhnachas’. (Gidheadh, tha glòr f. air tuiteam còmhla ri glòir b. cuideachd san Nuadh-Ghàidhlig.)