4/02/2018

‘Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018‒2023’

Is iongantach nach b' ann air an riochd Bheurla The National Gaelic Language Plan 2018‒2023 ‒ a chaidh an t-ainm a th' air treas plana cànain Bhòrd na Gàidhlig a stèidheachadh, gu ìre co-dhiù bloigh beurlachais.

Is e dùblachadh a bhiodh anns an abairt plana cànain Gàidhlig, agus an t-ainmear ginideach cànain na bhuadhair càileach a’ comharradh plana, agus an t-ainmear ginideach Gàidhlig na bhuadhair càileach a’ comharradh plana cànain; cha bhiodh feum ri cànain.

Nam b’ e plana Gàidhlig tiotal a' phlana, ge-tà, cha robh cinnt an ann ag innse gum b' ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha am plana air neo gum b' ann mu chànan na Gàidhlig fhèin a bha e gu bhith. B’ fheàrr an riochd plana na Gàidhlig gus a bhith a’ soilleireachadh gum b' ann mun chànan fhèin a bha e.

A thaobh a bhith a’ sònrachadh gum b’ ann air plana nàiseanta a bhathas a’ bruidhinn, bhiodh an co-rèir plana na Gàidhlig nàiseanta a’ cantainn gum b' e plana mu dheidhinn Gàidhlig 'nàiseanta' a bh’ ann seach, mar eisimpleir, mu dheidhinn Gàidhlig 'ionadail'. Cha ruigeamaid a leas ach plana nàiseanta na Gàidhlig a ràdh ‒ agus am buadhair càileach nàiseanta a’ comharradh plana a-mhàin ‒ gus a bhith a’ sealltainn gum b' e plana mu chànan na Gàidhlig airson an nàisein air fad a bha san amharc.

Ge be dè a dh’adhbharaich an t-atharrachadh bho chionn ciad phlana Bhòrd na Gàidhlig ‒ air an robh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007‒2012 mar ainm ‒ is ann air co-rèir na Gàidhlig a thàinig an dà latha.