3/30/2018

Cha mhòr nach ...

Air uairean, cleachdar àicheadh dùbailte a chuireas sìneadh air an rosgrann sam bi e a’ nochdadh, ged as i ciall dhearbhte a th’ aig an dà àicheadh le chèile, m.e. cha mhòr nach do reic sinn gach tè an-diugh ‘reic sinn an ìre mhath gach tè an-diugh’. An seo, gheibhear cha(n), .i. riochd neo-eisimeileach làthaireach àicheil a’ ghnìomhair IS + am buadhair mòr + nach, .i. riochd àicheil an naisgeir gun. Tuilleadh eisimpleirean: cha mhòr nach do thuit mi, bha an rathad cho sleamhainn; cha mhòr nach deach am bàta fodha, bha na bha siud de dh’uisge air tighinn air bòrd; cha mhòr nach deach a chur à cochall a chridhe, bha am brag cho àrd. Is ionann ann am brìgh cha mhòr nach agus is beag gun.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 292, §319 (i).

No comments:

Post a Comment