11/15/2010

's eadh

Cleachdar 's eadh sgrìobhar seadh agus cluinnear sheadh cuideachd gus aontadh neo-àraidh a chur an cèill; àicheil chan eadh (nas sine ni h-eadh), ceisteach an eadh? 'S e riochdar neodrach a th' ann an eadh (seach e fir. no i boir.). Gheibhear eadh cuideachd ann am mar gum b' eadh 'mar gun canadh tu', ann an gidheadh 'ge-tà, a dh'aindeoin sin' agus ann an eadhon 'is e sin; fiù agus'. Anns an t-seagh 'is e sin', gabhaidh eadhon giorrachadh gu .i. ann an sgrìobhadh. B' e .i. an samhla Laidinn a bh' air an Laidinn id est 'is e sin' agus, seach gun leughte .i. gu tric mar id 'sin' fhèin, chaidh a thionndadh dhan t-Sean Ghàidhlig mar ed-ón 'sin', no eadhon mar a tha e againn an-diugh. Tha .i., a-rèist, co-ionann ri i.e. a chleachdar sa Bheurla.