22.11.10

a rèir coltais ~ a rèir choltais

An seo, tha coltas san tuiseal ghinideach an dèidh an roimheir fhillte a rèir (do rèir), coim. a rèir na h-aimsire, a rèir an t-sluaigh. Ach gheibhear a rèir choltais, agus coltais air a shèimheachadh, gu math tric an-diugh, ged nach eil e gu buileach soilleir carson. Is math dh'fhaodte gur h-e buadhair seilbheach reòthte, .i. a (fireann) + sèimheachadh, as adhbhar dha, mar a tha ann an ri chèile 7c.