8.11.10

An uimhir dheise

Cleachdar an uimhir dheise ann an co-bhonn ris a' bhuadhair àireamhail : dà bhothan mhòr. 'S e an a tha anns an alt deise anns a h-uile h-àite (an dà bhothan mhòr) ach sa ghinideach bhoireann, far an tèid e na na (air chùl na dà bhothaig mòire). Tha cruth deise an ainmeir agus a' bhuadhair co-ionnan ris an t-singilte ach san tuiseal bhunasach bhoireann, far an tèid litir dheireannach leathann a chaolachadh (.i. tha coltas an tuiseil tabhartaich bhoireann shingilte orra): (bun.) dà cheann mhòr, mo dhà làimh mhòir; (gin.) air chùl an dà chinn mhòir, air chùl mo dhà làimhe mòire; (tabh.) air an dà cheann mhòr, air mo dhà làimh mhòir. Mar a chithear gu h-àrd, thèid an t-ainmear a shèimheachadh le agus thèid buadhair càileach a shèimheachadh leis an ainmear ach san tuiseal ghinideach bhoireann (air chùl mo dhà làimhe mòire).