2/02/2016

ciad, ceudna ...

B' àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét- a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad. Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt ro ciad a rèir gnè agus àireimh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear (fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 179, §155 + bn 30

B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 217, §220

12/09/2015

barrachd, tuilleadh, còrr

Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:

barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr.

barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd air (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd co-ghnìomhair ‘nas motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd; a bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha a bharrachd; a bharrachd air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air’: a bharrachd air sin. 

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 186–87, §170
 
tuilleadh fir. (+ gin.) ‘uimhir eile’: tuilleadh fiosrachaidh; leis an alt: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh; tuilleadh agus ‘ro, cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; a thuilleadh air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air’: a thuilleadh air sin.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 189, §176 

còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail’: chan eil an còrr agam ri ràdh; le de: an còrr den ùine; còrr agus ‘nas motha na’: còrr is fichead bliadhna.

9/19/2011

foghain, a' fòghnadh

Nochdaidh an gnìomhair FOGHAIN 'bi gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 392, §437 (v)

 

3/27/2011

dè fo ghrian ...?

'S e ainmear boireann à Rang II boir. (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th' ann an grian: (bun.) tha a' ghrian a' dol fodha; (gin.) aig dol fodha na grèine; (tabh.) na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a' chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? 'dè air thalamh a tha sin?'. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal thabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam 'chan eil teagamh sam bith agam', ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th' ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur 'fo ghrian nan nèamh' agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin?

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 341, §359 (vii)(a) + bn 60; d. 92, §72 (ii)

 

3/13/2011

aon cheud, dà cheud, trì cheud ...

A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù 's còig cheud ann an corra dhualchainnt. 'S e fuidheall àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhite an dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG trí 'trì' agus cethair 'ceithir' sna suidhichean sin. B' e sèimheachadh a bhiodh a' leantainn SG cóic 'còig', ged nach e a h-uile dualchainnt a chleachdas còig cheud an-diugh.

Air uairean, sgaoilear sèimheacheadh gu facail eile le c thoisich, gu h-àraidh le ainmearan cumanta, m.e. trì choin.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 171, §149 (iii)(b) + bn 16
 

2/28/2011

Loch a' Bhaile na Dùine

A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainme seo ceàrr, agus dà alt (a' agus na) a' nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh'ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a' Ghearasdain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, agus, ma bhios an t-ainmear deireannach deimhinnte mu thràth, cha bhi an t-alt a' nochdadh idir, m.e. muinntir Ghlaschu. (An seo, tha am facal muinntir, agus e a' comharradh an ainmeir na dhèidh san tuiseal ghinideach, deimhinnte mar a tha.) Mothaichibh cuideachd nach bi ach an t-ainmear mu dheireadh san t-sreath san tuiseal ghinideach: ceann earball a' choin (chan e *ceann earbaill a' choin).

'S ann a tha Loch a' Bhaile na Dùine na mhura-bhith an seo: tha dà loch nan laighe faisg air a chèile air taobh siar Leòdhais, an dàrna fear anns a' bhaile air a bheil Tolstadh mar ainm agus am fear eile anns a' bhaile air a bheil An Dùn. Gabhaidh sgaradh a dhèanamh eadar an dà loch, ge-tà, le bhith ag ainmeachadh a' bhaile dham buin iad: Loch a' Bhaile Tholstaidh air an dàrna làimh agus Loch a' Bhaile na Dùine air an làimh eile – mar a chithear, thèid an riaghailt cho-rèir àbhaisteach a bhriseadh leis an dà ainm.