Showing posts with label aon chuid. Show all posts
Showing posts with label aon chuid. Show all posts

12/06/2010

aonar ~ a h-aon, aon, aonan

'S ann à aon + fhear 'aon duine' a tha aonar bho thùs, ach tha e cuingealaichte an-diugh ris an abairt an + buadhair seilbheach + aonar: nam aonar 'leam fhèin', nad aonar 'leat fhèin' 7c. Gu bhith a' bruidhinn air aon nì no air aon duine, cleachdar a h-aon (chan eil a h-aon agamsa ach tha a dhà agadsa) no aon no aonan, a rèir dualchainnt; mar sin, is ionann chan eil a h-aon agam agus chan eil aonan agam. Air neo cleachdar fear no tè, a rèir gnè an rud air a bheileas a' bruidhinn: (glainne uisge-bheatha) tè bheag.

10/02/2010

aon chuid ... no ~ an dà chuid ... agus

Cleachdar aon chuid ... no gus nochdadh gu bheil roghainn eadar an dàrna rud agus an rud eile: bhiodh e a' fuireach aon chuid san taigh ud no san taigh eile. Tha an dara cuid ... no ri lorg mar an ceudna: bhiodh e a' fuireach an dara cuid san taigh ud no san taigh eile. Tha an dà chuid ... agus a' ciallachadh an dà rud còmhla: tha taigh aice an dà chuid ann an Glaschu agus air an eilean.