Showing posts with label beum. Show all posts
Showing posts with label beum. Show all posts
1/10/2011
bidh tu ann a-màireach, nach bi? bithidh
Tha bidh (gun bheum: bidh e ann aig còig) na chruth lùghdaichte aig bithidh (SG bíid, beumte: am bi e ann? bithidh), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG bí) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean ro-ghnìomhaireach (am bi thu fhèin ann? cha bhi) no an dèidh (tha i ag ràdh gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann).
9/09/2010
cùl-fhiosrachadh ~ cùl-fhiosrachaidh?
Tha am prìomh bheum air cùl, a tha na bhuadhair an seo; 's e fiosrachadh an t-ainmear, air a shèimheachadh leis a' bhuadhair: cùl-fhiosrachadh (coim. trom-chadal), gin. cùl-fhiosrachaidh.
Subscribe to:
Posts (Atom)