'S ann a thig
an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG
a tráth-sa 'an tràth seo' (.i.
*a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) >
*a dtrásta (le càradh eadar
th is
s:
ths >
st) > GA
an dràsta (air a sgrìobhadh
an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig
a-nise (cuideachd
a-nis,
nise,
nis) 'aig an àm seo' à SG
indossa; coim. GE
anois.
Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a)
's e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta; (b)
tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a)
chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a)
tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta; (b)
tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a)
mar sin leat an-dràsta; (b)
dè leughas tu nis? Clisgeach: (b)
nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a)
an-dràsta is a-rithist.