A thuilleadh air
aon cheud agus
dà cheud, gheibhear
trì cheud,
ceithir cheud agus fiù 's
còig cheud ann an corra dhualchainnt. 'S e fuidheall àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha
ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhite an dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG
trí 'trì' agus
cethair 'ceithir' sna suidhichean sin. B' e sèimheachadh a bhiodh a' leantainn SG
cóic 'còig', ged nach e a h-uile dualchainnt a chleachdas
còig cheud an-diugh.
Air uairean, sgaoilear sèimheacheadh gu facail eile le
c thoisich, gu h-àraidh le ainmearan cumanta, m.e.
trì choin.