Showing posts with label sèimheachadh. Show all posts
Showing posts with label sèimheachadh. Show all posts

2/29/2016

air fear/tè/feadhainn ...

Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair BI a chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan 7c (m.e. tha e fichead bliadhna a dh’aois). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structar leis a’ ghnìomhair IS a chleachdadh: is e dotair a th’ innte (nas sine: is dotair i).

Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structaran le BI agus an roimhear air:

(1)
Cuiridh an structar BI + cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean na Gàidhlig.

Thèid an structar a chleachdadh gu tric le brìgh anardaich a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): bha i air tè de na boireannaich a bu bhrèagha.

(2)
Gabhaidh air fear/tè fhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann.

(3)
A thuilleadh air seo, tha structar ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: tha muinntir an eilein sa air an fheadhainn as còire san dùthaich, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as còire san dùthaich.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 319–20, §346 (viii)(b)

3/13/2011

aon cheud, dà cheud, trì cheud ...

A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù 's còig cheud ann an corra dhualchainnt. 'S e fuidheall àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhite an dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG trí 'trì' agus cethair 'ceithir' sna suidhichean sin. B' e sèimheachadh a bhiodh a' leantainn SG cóic 'còig', ged nach e a h-uile dualchainnt a chleachdas còig cheud an-diugh.

Air uairean, sgaoilear sèimheacheadh gu facail eile le c thoisich, gu h-àraidh le ainmearan cumanta, m.e. trì choin.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 171, §149 (iii)(b) + bn 16
 

2/06/2011

Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

'S e fìor sheann ainm a th' ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e 'oirthir Ghàidheal' as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh airer na earr/earra (coim. 1560 Errghaodheal). Tha am facal Gàidheal san ainm Earra-Ghàidheal san tuiseal ghinideach iolra agus 's e sin as coireach gu bheil sèimheachadh san ainmear (coim. mòran bhalach), agus 's e sin as coireach nach tèid am facal a chlaonadh nuair a bhios an t-ainm fhèin san tuiseal ghinideach, m.e. muinntir Earra-Ghàidheal (chan e *muinntir Earra-Ghàidheil): 's ann a tha e san tuiseal ghinideach iolra mu thràth.

Tha an t-ainm Innse Gall a cheart cho sean ri Earra-Ghàidheal ach nas sine ann an cruth. 'S ann à SG Insi Gall 'eileanan Ghall no eileanan choigreach' a tha Innse Gall, agus gall san tuiseal ghinideach iolra mar a tha Gàidheal ann an Earra-Ghàidheal. Ach, fhad 's a chaidh Gàidheal a shèimheachadh san ainm Earra-Ghàidheal a rèir riaghailtean na Nua-Ghàidhlig, cha do thachair a leithid ri Gall ann an Innse Gall, agus e a' gleidheadh a fhìor shean chrutha, a chruthaicheadh mus tòisicheadh air ainmearan ginideach iolra neo-dheimhinnte a shèimheachadh.

11/22/2010

a rèir coltais ~ a rèir choltais

An seo, tha coltas san tuiseal ghinideach an dèidh an roimheir fhillte a rèir (< do rèir), coim. a rèir na h-aimsire, a rèir an t-sluaigh. Ach gheibhear a rèir choltais, agus coltais air a shèimheachadh, gu math tric an-diugh, ged nach eil e gu buileach soilleir carson. Is math dh'fhaodte gur h-e buadhair seilbheach do-mhùthaidh (.i. a (fireann) + sèimheachadh) as adhbhar dha, mar a tha ann an ri chèile 7c.

11/08/2010

An uimhir dheise

Cleachdar an uimhir dheise ann an co-bhonn ris a' bhuadhair àireamhail dà: dà bhothan mhòr. 'S e an a tha anns an alt deise anns a h-uile h-àite (an dà bhothan mhòr) ach san tuiseal ghinideach bhoireann, far an tèid e na na (air cùl na dà bhothaig mòire). Tha an cruth bunasach deise aig ainmearan fireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth bunasach singilte; tha cruth bunasach deise aig ainmearan boireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth tabhartach singailte, far an tèid litir dheiridh leathann a chaolachadh: (bun.) dà cheann mhòr, mo dhà làimh mhòir; (gin.) air chùl an dà chinn mhòir, air chùl mo dhà làimhe mòire; (tabh.) air an dà cheann mhòr, air mo dhà làimh mhòir. Mar a chithear gu h-àrd, thèid an t-ainmear a shèimheachadh le dà agus thèid buadhair càileach a shèimheachadh leis an ainmear dheise ach san tuiseal ghinideach bhoireann (air chùl mo dhà làimhe mòire).

11/02/2010

air

Tha an roimhear air sa chànan an-diugh a' tàrmachadh ann an trì diofar thobraichean san t-Sean Ghàidhlig: (1) SG for (gun sèimheachadh) 'air mullach, os cionn': air bòrd, air do cheann; (2) SG ar (le sèimheachadh) 'airson, air sgàth, a chionn': air chall, air ghleus, air thoiseach, air dheireadh – ged nach eil an sèimheachadh an-còmhnaidh seasmhach ann an air dhòigh ~ air dòigh; agus (3) SG íar (le srònachadh) 'an dèidh', a chleachdar an-diugh gus aogas coileanta a chur an cèill: tha e air an leabhar a leughadh, air dhomh falbh.

10/09/2010

buadhairean air thoiseach air ainmearan

Tha buadhair + ainmear na aonad gràmair: thèid an t-ainmear a shèimheachadh: an sàr bhàrd, ach cha ghabh am buadhair fhèin claonadh: (gin.) a rèir an t-sàr bhàird; a' mhòr-chuid, (gin.) beachd na mòr-chuid.

Cha chleachdar tàthan eadar am buadhair is an t-ainmear nuair nach nochd buadhair ach ro ainmear, m.e. sàr bhàrd, deagh latha, droch isean; ach dearg-amadan, ùr-thighinn 7c. 

Bha an structar seo na bu bhitheanta uair, mar a chithear bho chruthan ann an ainmean-àite: glas- bheinn, dubh-sgeir, meanbh-chnoc, cam-allt.

9/17/2010

rud sam bith, duine sam bith

'S e cruth do-mhùthadh a th' ann an sam bith, a' ciallachadh 'anns a' bhith, anns an t-saoghal'. Abairt àrsaidh bho ron 16mh linn, mus d' fhuair sèimheachadh làmh an uachdair air bàthadh (dèan sgaradh eadar GA air a' bhàta, le sèimheachadh, agus GE ar an mbád, le bàthadh).