Showing posts with label roimhear. Show all posts
Showing posts with label roimhear. Show all posts

2/13/2011

air beulaibh

Bhite a' faicinn an roimheir air beulaibh 'ro, fa chomhair' air a sgrìobhadh air beulaobh air uairean (m.e. ann an Dwelly), mar gum b' ann à *air beul thaobh a thàinig an abairt, ach 's e sean chruth tabhartach iolra a th' ann am beulaibh 'beòil'. Tha an aon chruth ri fhaicinn ann an air cùlaibh 'an dèidh, air an taobh chùil'. Bha uair a bha an dùnadh tabhartach iolra -(a)ibh na bu chumanta ach, a bharrachd air air beulaibh is air cùlaibh, chan fhaicear e ach ann an corra abairt san latha an-diugh, m.e. a-chianaibh 'bho chionn greis'; an caraibh: chaidh iad nan caraibh 'ghreimich iad ri chèile'. Chithear an dùnadh cuideachd ann an gnàth-fhacail no seanfhacail, m.e. Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile 'slòigh nan Gàidheal ann an guaillean a chèile (.i. a' cur taic ri chèile)'.

10/30/2010

a-rèist ~ a rèir

Am bitheantas, sgrìobhar co-ghnìomhairean a tha nan roimhear + ainmear le tàthan:
a-rèist 'mar sin dheth', cuideachd am-bliadhna, an-àird(e), a-muigh, ach sgrìobhar roimhearan fillte a tha nan roimhear + ainmear gun tàthan, seach gun gabh iad mùthadh: a rèir (a' chiad phearsa singilte: dham rèir-sa), a dh'ionnsaigh (3s iol.: dhan ionnsaigh), a thaobh (3s iol.: dhan taobh-san); am measg (1d iol.: nar measg); às aonais (2ra sing.: às d' aonais), às leth (3s sing. fir. no boir.: às a leth).

9/15/2010

càil a dh'fhios

Chan eil càil a dh'fhios agam 'chan eil fios agam idir'. Gabhaidh an roimhear de dùblachadh (> de dh' no a dh') ro fhuaimreagan agus f + fuaimreag: dè na th' agad de dh'airgead?; cha robh uiread de dh'fheum ann; chan eil càil a dh'fhios agam.