B' àbhaist ciad
‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às
an t-Sean Ghàidhlig cét-
a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich
daoine ga sgrìobhadh ciad. Mar
bhuadhair, bhiodh cruth an uilt ro ciad a rèir gnè
agus àireimh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear
(fir.); a’ chiad
bhean (boir.); na
ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro
ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean.
Geàrr-Ghràmar na
Gàidhlig, d. 179, §155 + bn 30
B’
e cétnae an
àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn
sa chruth ceudna
‘aon’, m.e. an rud
ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt
Nua-Ghàidhlig mar
an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast.
Chaidh ceudna
na ceunda ann
an corra dhualchainnt.
Geàrr-Ghràmar na
Gàidhlig, d. 217, §220
Showing posts with label buadhair. Show all posts
Showing posts with label buadhair. Show all posts
10/09/2010
buadhairean air thoiseach air ainmearan
Tha buadhair + ainmear na aonad gràmair: thèid an t-ainmear a shèimheachadh: an sàr bhàrd, ach cha ghabh am buadhair fhèin claonadh: (gin.) a rèir an t-sàr bhàird; a' mhòr-chuid, (gin.) beachd na mòr-chuid.
Cha chleachdar tàthan eadar am buadhair is an t-ainmear nuair nach nochd buadhair ach ro ainmear, m.e. sàr bhàrd, deagh latha, droch isean; ach dearg-amadan, ùr-thighinn 7c.
Bha an structar seo na bu bhitheanta uair, mar a chithear bho chruthan ann an ainmean-àite: glas- bheinn, dubh-sgeir, meanbh-chnoc, cam-allt.

9/13/2010
leabhar Gàidhlig, bàrdachd Ghàidhlig
Ged a tha am facal Gàidhlig na ainmear, thèid a chleachdadh mar bhuadhair, agus e air a shèimheachadh a rèir gnè an ainmeir 7c: leabhar Gàidhlig (fir.), crìoch an leabhair Ghàidhlig (gin. fir.), bàrdachd Ghàidhlig (boir.), a' leughadh na bàrdachd Gàidhlig aice fhèin (gin. boir.). Gu foirmeil, 's ann anns an tuiseal ghinideach a tha e sna h-eisimpleirean a tha seo.
Subscribe to:
Posts (Atom)