Showing posts with label riochdair. Show all posts
Showing posts with label riochdair. Show all posts

11/15/2010

's eadh

Cleachdar 's eadh sgrìobhar seadh agus cluinnear sheadh cuideachd gus aontadh neo-àraidh a chur an cèill; àicheil chan eadh (nas sine ni h-eadh), ceisteach an eadh? 'S e riochdar neodrach a th' ann an eadh (seach e fir. no i boir.). Gheibhear eadh cuideachd ann am mar gum b' eadh 'mar gun canadh tu', ann an gidheadh 'ge-tà, a dh'aindeoin sin' agus ann an eadhon 'is e sin; fiù agus'. Anns an t-seagh 'is e sin', gabhaidh eadhon giorrachadh gu .i. ann an sgrìobhadh. B' e .i. an samhla Laidinn a bh' air an Laidinn id est 'is e sin' agus, seach gun leughte .i. gu tric mar id 'sin' fhèin, chaidh a thionndadh dhan t-Sean Ghàidhlig mar ed-ón 'sin', no eadhon mar a tha e againn an-diugh. Tha .i., a-rèist, co-ionann ri i.e. a chleachdar sa Bheurla.

10/22/2010

cuidhte agus

Tha cuidhte na bhuadhair gnìomhaireach bho cuidhtich 'fàg, trèig; dìol, pàigh air ais'.
Thèid an abairt cuidhte agus (+ tuiseal bunasach) a chleachdadh gus a chur an cèill gun d' fhuaradh faochadh no saoradh bho rudeigin: fhuair e cuidhte agus iad; tha mi airson a bhith cuidhte 's an t-uallach seo. Tha an aon structar ri fhaighinn ann an saor agus 'saor bho'. 

An àite cuidhte 's + riochdair (m.e. cuidhte 's e), gheibhear cuidhte 's + roimhear riochdaireil (m.e. cuidhte 's dheth).

Sgrìobhar cuidhteas gu tric an àite cuidhte 's.

Tha cuidhteas (< cuidhte + -as) na ainmear fireann cuideachd, san t-seagh 'aithneachadh gun d' fhuaradh bathar 7c'. Coim. na h-abairtean clìor is/clìoras (< B clear) agus riod 's/riods (< B rid).