Bha Suki glòr-shùileach, mar a chithear san dealbh a
rinneadh lem mhac aig aois a deich, .i. walled-eyed
sa Bheurla ‒
san t-seagh seo, an dàrna brìgh aig an OED:
‘having one or both eyes of an excessively light colour, so that the iris is
hardly distinguishable from the white ... having eyes of a different colour,
having eyes or an eye streaked or partcoloured ... having a divergent squint
which exposes an excessive proportion of the white of the eye’. Sna faclairean
Gàidhig, gheibhear sùil-leusach, geal-shùileach, sgiath-shùileach, glòr-shùileach,
glòir-fhionn, glòirionn agus toiche
leis a’ bhrìgh ‘wall-eyed’. Gabhaidh sùil-leusach
tuigsinn agus leus ‘solas’ ag amas
air gilead no bàinead na sùla; an dearbh rud aig geal-shùileach. Tha sgiath-shùileach
a’ toirt air duine smaoineachadh air ‘wall-eyed with astonishment’, .i. balg-
no clach-shùileach agus sgiath ag
amas air cruinnead na sùla. ’S ann a tha GA glòr
‒
à SG glór ‘fìorghlan, soilleir,
deàlrach’ ‒ ag
amas air bàinead na sùla mar an ceudna (coim. GE glór-shúileach). Saoilear gum math dh’fhaodte gur h-e cruth nas
tràithe aig glúair (coim. Dwelly gluair) a th’ ann an glór (DIL). ’S e riochd teasgaichte (geàrrte) a th’ ann glòirionn à glòir-fhionn agus brìgh a’ bhuadhair glòr air a dùblachadh leis a’ bhuadhair fionn ‘geal, bàn’. Is dòcha gur h-e mearachd air toichd a th’ ann an toiche (Shaw 1780, nach cleachd stràcan), .i. tòichd ‒ coim. tòc no tòchd ‘at; atadh’; Dwelly tòc ‘galar nan sùilean, gu seach àraidh
ann an caoraich’; Uibhist a Deas tòchd
‘galar ann an sùilean cruidh’ (An t-Athair Ailean MacDhòmhnaill); cuideachd,
Dwelly ‘pink eye in horses [.i. conjunctivitis]’ ‒ ag amas air a’ bhrìgh ‘cruinn,
air atadh, air brùchdadh’, mar a bhios sgiath.
Chan eil dàimh aig a’ bhuadhair glòr ri glòr f. ‘cainnt’ no ri glòir
b. ‘greadhnachas’. (Gidheadh, tha glòr f. air tuiteam
còmhla ri glòir b. cuideachd san
Nuadh-Ghàidhlig.)4/02/2018
‘Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018‒2023’
Is iongantach nach b' ann air an riochd Bheurla ‒ The National Gaelic Language Plan 2018‒2023 ‒ a chaidh an t-ainm a th' air treas plana cànain Bhòrd na Gàidhlig a stèidheachadh, gu ìre co-dhiù ‒ bloigh beurlachais.
Is e dùblachadh a bhiodh anns an abairt plana cànain Gàidhlig, agus an t-ainmear ginideach cànain na bhuadhair càileach a’ comharradh plana, agus an t-ainmear ginideach Gàidhlig na bhuadhair càileach a’ comharradh plana cànain; cha bhiodh feum ri cànain.
Nam b’ e plana Gàidhlig tiotal a' phlana, ge-tà, cha robh cinnt an ann ag innse gum b' ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha am plana air neo gum b' ann mu chànan na Gàidhlig fhèin a bha e gu bhith. B’ fheàrr an riochd plana na Gàidhlig gus a bhith a’ soilleireachadh gum b' ann mun chànan fhèin a bha e.
A thaobh a bhith a’ sònrachadh gum b’ ann air plana nàiseanta a bhathas a’ bruidhinn, bhiodh an co-rèir plana na Gàidhlig nàiseanta a’ cantainn gum b' e plana mu dheidhinn Gàidhlig 'nàiseanta' a bh’ ann seach, mar eisimpleir, mu dheidhinn Gàidhlig 'ionadail'. Cha ruigeamaid a leas ach plana nàiseanta na Gàidhlig a ràdh ‒ agus am buadhair càileach nàiseanta a’ comharradh plana a-mhàin ‒ gus a bhith a’ sealltainn gum b' e plana mu chànan na Gàidhlig airson an nàisein air fad a bha san amharc.
Ge be dè a dh’adhbharaich an t-atharrachadh bho chionn ciad phlana Bhòrd na Gàidhlig ‒ air an robh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007‒2012 mar ainm ‒ is ann air co-rèir na Gàidhlig a thàinig an dà latha.
Is e dùblachadh a bhiodh anns an abairt plana cànain Gàidhlig, agus an t-ainmear ginideach cànain na bhuadhair càileach a’ comharradh plana, agus an t-ainmear ginideach Gàidhlig na bhuadhair càileach a’ comharradh plana cànain; cha bhiodh feum ri cànain.
Nam b’ e plana Gàidhlig tiotal a' phlana, ge-tà, cha robh cinnt an ann ag innse gum b' ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha am plana air neo gum b' ann mu chànan na Gàidhlig fhèin a bha e gu bhith. B’ fheàrr an riochd plana na Gàidhlig gus a bhith a’ soilleireachadh gum b' ann mun chànan fhèin a bha e.
A thaobh a bhith a’ sònrachadh gum b’ ann air plana nàiseanta a bhathas a’ bruidhinn, bhiodh an co-rèir plana na Gàidhlig nàiseanta a’ cantainn gum b' e plana mu dheidhinn Gàidhlig 'nàiseanta' a bh’ ann seach, mar eisimpleir, mu dheidhinn Gàidhlig 'ionadail'. Cha ruigeamaid a leas ach plana nàiseanta na Gàidhlig a ràdh ‒ agus am buadhair càileach nàiseanta a’ comharradh plana a-mhàin ‒ gus a bhith a’ sealltainn gum b' e plana mu chànan na Gàidhlig airson an nàisein air fad a bha san amharc.
Ge be dè a dh’adhbharaich an t-atharrachadh bho chionn ciad phlana Bhòrd na Gàidhlig ‒ air an robh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007‒2012 mar ainm ‒ is ann air co-rèir na Gàidhlig a thàinig an dà latha.
3/30/2018
Cha mhòr nach ...
Air uairean, cleachdar àicheadh dùbailte a chuireas sìneadh air an rosgrann sam bi e a’ nochdadh, ged as i ciall dhearbhte a th’ aig an dà àicheadh le chèile, m.e. cha mhòr nach do reic sinn gach tè an-diugh ‘reic sinn an ìre mhath gach tè an-diugh’. An seo,
gheibhear cha(n), .i. riochd neo-eisimeileach làthaireach àicheil a’ ghnìomhair IS + am buadhair mòr + nach, .i. riochd àicheil an naisgeir gun. Tuilleadh eisimpleirean: cha mhòr nach do thuit mi, bha an rathad cho sleamhainn; cha mhòr nach deach am bàta fodha, bha na bha siud de dh’uisge air tighinn air bòrd; cha mhòr nach deach a chur à cochall a chridhe, bha am brag cho àrd. Is ionann ann am brìgh cha mhòr nach agus is beag gun.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 292, §319 (i).
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 292, §319 (i).
3/21/2018
iolair(e)
’S ann à SG irar fir., a chaidh na ilar
agus na connragan air an dì-choslachadh, a tha GA iolair boir. B’ e iolair
an cruth àbhaisteach, mar a chithear aig Mac Mhaighstir Alasdair 1741, Shaw
1780, Armstrong 1825, Highland Society Dictionary 1828, Dwelly 1901–11, ged a gheibhear
an cruth iolaire an-diugh cuideachd,
m.e. ann an ainm an leabhair Call na
h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach agus ann an tiotal an òrain ‘Raoir Reubadh an Iolaire’ le Murchadh MacPhàrlain. Lorgar fiolair(e) cuideachd, le f ro-leasaichte; coim. GA feagal < eagal < SG ecal.
Is math dh’fhaodte gur h-ann fo bhuaidh a
riochd ghinidich a thàrmaich an cruth iolaire,
agus am facal a’ buntainn do Rang II boireann nan ainmearan an-diugh (coim. làmh, gin. sg. làimhe), ged a gheibhear gin. sg. iolarach air uairean, agus dùnadh connragach aige (coim. Rang V (a)
cathair, gin. sg. cathrach). Ach chan eil cinnt carson a
chaidh SG ilar fir. na ainmear boireann
san Nua-Ghàidhlig – tha iolar fireann fhathast an Gàidhlig na h-Èireann.
Cha d’ fhuaradh lorg air coltas fireann
air an fhacal iolair ann an Gàidhlig
na h-Albann ach anns a’ chunntas a rinn Máirtín Ó Murchú air Gàidhlig Pheairt
an Ear: iolair mór, an iolair; ach chan fhaodar cus earbsa a
chur ann an iolair mòr, air a bheil
coltas fireann, agus an iolair, air a
bheil coltas boireann, ri thaobh.
Gheibhear An t-Iolaire Mòr aig ScotlandsPlaces, ach ’s e mearachd tras-sgrìobhaidh
a tha sin agus An t-Ionaire Mòr an
dà chuid ann an Leabhar nan Ainmean agus air a’ chiad mhap shia-òirlich aig an
OS. ’S e ainm aibhne a th’ anns An
t-Ionaire Mòr (NF 8136), a ruitheas seachad air Rudh’ an Ionair (sic) gu Loch
Druidibeag. A rèir cruth bun na h-aibhne, is iongantach mana h-e ‘pit’ as ciall
do dh’ionair(e) an seo (Dwelly, ‘pudenda’);
coim. ainmean a leithid Gobhal na
Caillich ann am Borghaston ann an Leòdhas (NB 1842). Tha Creag na h-Iolaire aig NF 9465.
Tha iolairin
‘isean iolaire’ aig Forbes na Gaelic Names
of Beasts 7c, aig a bheil an t-aon dùnadh meanbhach ’s a gheibhear ann an cailin ‘caileag’ (Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 124, §93 (iv)).
2/29/2016
air fear/tè/feadhainn ...
Chan
urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair BI a chleachdadh
le cuspair dìreach ach le àireamhan 7c (m.e. tha e fichead bliadhna
a dh’aois). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh
eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: tha i na dotair (le
an). Air neo,
feumar structar leis a’ ghnìomhair IS a chleachdadh:
is e dotair a th’
innte (nas sine: is dotair i).
Gus
‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structaran le BI agus an
roimhear air:
(1)
Cuiridh
an structar BI + cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e
fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: bha an t-Ollamh
Watson air fear
de phrìomh eòlaichean na Gàidhlig.
Thèid
an structar a chleachdadh gu tric le brìgh anardaich a’ bhuadhair choimeasaich
(aonan à mòran): bha i air tè de na boireannaich a bu bhrèagha.
(2)
Gabhaidh air fear/tè
fhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: tha e air a bhith air fear-gnothaich
cho soirbheachail ’s a th’ ann.
(3)
A
thuilleadh air seo, tha structar ann far an tèid air a leantainn
le ainmear iolra (le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: tha muinntir an
eilein sa air an
fheadhainn as còire san dùthaich, .i. tha iad air cuid den fheadhainn
as còire san dùthaich.
Geàrr-Ghràmar
na Gàidhlig, dd. 319–20, §346 (viii)(b)
2/05/2016
saoil ...
Gabhaidh an gnìomhair saoil
‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a
bhuineas do na ciadfathan: saoilidh mi
gur e; an saoil thu sin? cha s(h)aoil.
Coim. cluinnidh sinn fuaim; am faic thu am bàta?; chan fhairich mi càil; an aithnich thu i?; chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às
aonais riochdair phearsanta: saoil am
faigh mi iasad air a’ chàr?
Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail
ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth
làthaireach, bho thùs, a bh’ anns an tràth a th’ againn an-diugh mar thràth teachdail.
B’ àbhaist do chruthan co-thàthaidh (m.e. chuirinn ‘*chuireadh mi’ 7c) a bhith
na bu chumanta sa chànan, agus chithear eisimpleir eile dheth seo sa chruth saoileam ‘saoilidh mi’, a chluinnear
fhathast; ’s e sin an t-aon seòrsa crutha a gheibhear, mar eisimpleir, san òran ‘Oidhche
Mhath Leibh’: Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh ‘tha mi a’ guidhe gum bi
slàinte an-còmhnaidh còmhla ribh’.
Thachair dà rud dhan chruth saoileam: air an dàrna làimh, dh’fhairich cuid gur h-ann à *saoil leam a bha e,
mar a th’ againn ann an (’s) math leam
7c; air an làimh eile, chaidh cruth caithte (tro shèimheachadh) a chur air agus, mar thoradh air seo, gheibhear saoileam/*saoil
leam ‘saoilidh mi’ agus shaoileam/*shaoil
leam ‘shaoil mi’.
Is math dh’fhaodte gur h-ann a chionn buaidh an fhacail saoil a chaidh am facal smuain (coim. SG smúainid ‘smuainichidh e’, agus SG smúained ‘smuaineachadh’) na smaoin
(smaoinich, smaoineachadh) ann am mòran àiteannan.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 265, §281; dd. 268–69, §291 (ii) + bn 34
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 265, §281; dd. 268–69, §291 (ii) + bn 34
2/02/2016
ciad, ceudna ...
B' àbhaist ciad
‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às
an t-Sean Ghàidhlig cét-
a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich
daoine ga sgrìobhadh ciad. Mar
bhuadhair, bhiodh cruth an uilt ro ciad a rèir gnè
agus àireimh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear
(fir.); a’ chiad
bhean (boir.); na
ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro
ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 179, §155 + bn 30
B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 217, §220
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 179, §155 + bn 30
B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 217, §220
12/09/2015
barrachd, tuilleadh, còrr
Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 187, §171
barrachd ‘meud nas
motha’: tha barrachd bidhe air an
truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an
dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga
iarraidh; còrr ‘na tha air
fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus
gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte,
ach chan ith mi an còrr.
barrachd boir.
(+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha
mi ag iarraidh barrachd;
barrachd air (+
tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd
air uair a thìde; barrachd co-ghnìomhair ‘nas
motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd; a
bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha
a bharrachd; a bharrachd air
roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air’: a bharrachd air sin.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 186–87, §170
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 186–87, §170
tuilleadh fir.
(+ gin.) ‘uimhir eile’: tuilleadh fiosrachaidh; leis an alt: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh;
tuilleadh agus ‘ro,
cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; a thuilleadh air roimhear fillte
(+ tabh.) ‘air mullach air’: a
thuilleadh air sin.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 189, §176
còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail’: chan eil an còrr agam ri ràdh; le de: an còrr den ùine; còrr agus ‘nas motha na’: còrr is fichead bliadhna.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 189, §176
còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail’: chan eil an còrr agam ri ràdh; le de: an còrr den ùine; còrr agus ‘nas motha na’: còrr is fichead bliadhna.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 187, §171
9/19/2011
foghain, a' fòghnadh
Nochdaidh an gnìomhair FOGHAIN 'bi gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh.
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig,
d. 392, §437 (v)
3/27/2011
dè fo ghrian ...?
'S e ainmear boireann à Rang II boir. (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th' ann an grian: (bun.) tha a' ghrian a' dol fodha; (gin.) aig dol fodha na grèine; (tabh.) na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a' chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? 'dè air thalamh a tha sin?'. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal thabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam 'chan eil teagamh sam bith agam', ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th' ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur 'fo ghrian nan nèamh' agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin?
Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig,
d. 341, §359 (vii)(a) + bn 60; d. 92, §72 (ii)
Subscribe to:
Posts (Atom)

