Chan
urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair BI a chleachdadh
le cuspair dìreach ach le àireamhan 7c (m.e. tha e fichead bliadhna
a dh’aois). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh
eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: tha i na dotair (le
an). Air neo,
feumar structar leis a’ ghnìomhair IS a chleachdadh:
is e dotair a th’
innte (nas sine: is dotair i).
Gus
‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structaran le BI agus an
roimhear air:
(1)
Cuiridh
an structar BI + cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e
fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: bha an t-Ollamh
Watson air fear
de phrìomh eòlaichean na Gàidhlig.
Thèid
an structar a chleachdadh gu tric le brìgh anardaich a’ bhuadhair choimeasaich
(aonan à mòran): bha i air tè de na boireannaich a bu bhrèagha.
(2)
Gabhaidh air fear/tè
fhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: tha e air a bhith air fear-gnothaich
cho soirbheachail ’s a th’ ann.
(3)
A
thuilleadh air seo, tha structar ann far an tèid air a leantainn
le ainmear iolra (le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: tha muinntir an
eilein sa air an
fheadhainn as còire san dùthaich, .i. tha iad air cuid den fheadhainn
as còire san dùthaich.
Geàrr-Ghràmar
na Gàidhlig, dd. 319–20, §346 (viii)(b)