Ainmear ioma-lideach sam bith aig a bheil an dùnadh -
adh (uile fireann), thèid e na -
aidh san tuiseal ghinideach agus na -
aidhean san iolra:
dùnadh, gin.
dùnaidh, iol.
dùnaidhean;
suidheachadh, gin.
suidheachaidh, iol.
suidheachaidhean. Gabhaidh faclan ann an -
achaidhean giorrachadh ann an cuid de dhualchainntean:
suidheachaidhean >
suidhichean.