5.10.10

gabhaidh e dèanamh

Tha gabhaidh an t-iasg seo ithe a' ciallachadh nach tèid do phuinnseanachadh ma dh'itheas tu an t-iasg a tha sin; coim. gabhaidh taois fuineadh, cha ghabh a' bhriogais seo nighe, an gabh e dèanamh?. Ged as e brìgh fhulangach a th' aig na h-abairtean seo, 's e structar gnìomhair + cùisear + cuspair a th' aca (mar a tha aig gabhaidh mi teatha). Chan ionnan sin agus an structar fulangach le rach: chaidh an taois fhuineadh, cha deach a' bhriogais seo a nighe, thèid sin a dhèanamh. Chithear seo gu soilleir le (a' bruidhinn air rud fireann) thèid a dhèanamh seach gabhaidh e dèanamh. A rèir choltais, 's e os-cheartachadh a th' ann an gabhaidh sin a dhèanamh agus a leithid.