9.10.10

buadhairean air thoiseach air ainmearan

Tha buadhair + ainmear na aonad gràmair: thèid an t-ainmear a shèimheachadh: an sàr bhàrd, ach cha ghabh am buadhair claonadh: (gin.) a rèir an t-sàr bhàird; cuid. dearg amadan, deagh latha, droch isean, ùr thighinn 7c. Chan eil feum ri tàthan ach far a bheil an t-aonad na aonad ciallachais, m.e. a' mhòr-chuid, (gin.) beachd na mòr-chuid (iomsgar a' mhòr mhòr-chuid); cuid. fìor-uisge, dubh-cheist, trom-laighe. Bha an structar seo na bu bhitheanta uair, mar a chithear bho chruthan ann an ainmean-àite: glas bheinn, dubh sgeir, meanbh chnoc, cam allt.