13.10.10

An t-asgair (')

Innsidh an samhla seo gu bheil litir no litrichean air fhàgail às: is e ach 's e, bu mhi ach b' e, tha e ag ithe ach tha e a' dèanamh, am mac ach a' mhadainn. Chan eil ceart-sgrìobhadh na Gàidhlig ro dhèidheil air asgairean tuilleadh agus, nuair a thig dà fhacal ri chèile, sgrìobhar mar-aon iad: anns a' mhadainn ach sa mhadainn, *chaidh e ann a shaighdear > chaidh e na shaighdear. Cha chleachdar asgair le a 'do': a bhith glic, chaidh i a sheinn, dh'fhalbh e a dh'fhuireach; no le a 'de': sguir a bhruidhinn.