3/21/2018

iolair(e)

’S ann à SG irar fir., a chaidh na ilar agus na connragan air an dì-choslachadh, a tha GA iolair boir. B’ e iolair an cruth àbhaisteach, mar a chithear aig Mac Mhaighstir Alasdair 1741, Shaw 1780, Armstrong 1825, Highland Society Dictionary 1828, Dwelly 1901–11, ged a gheibhear an cruth iolaire an-diugh cuideachd, m.e. ann an ainm an leabhair Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach agus ann an tiotal an òrain ‘Raoir Reubadh an Iolaire le Murchadh MacPhàrlain. Lorgar fiolair(e) cuideachd, le f ro-leasaichte; coim. GA feagal < eagal < SG ecal.

Is math dh’fhaodte gur h-ann fo bhuaidh a riochd ghinidich a thàrmaich an cruth iolaire, agus am facal a’ buntainn do Rang II boireann nan ainmearan an-diugh (coim. làmh, gin. sg. làimhe), ged a gheibhear gin. sg. iolarach air uairean, agus dùnadh connragach aige (coim. Rang V (a) cathair, gin. sg. cathrach). Ach chan eil cinnt carson a chaidh SG ilar fir. na ainmear boireann san Nua-Ghàidhlig – tha iolar fireann fhathast an Gàidhlig na h-Èireann.

Cha d’ fhuaradh lorg air coltas fireann air an fhacal iolair ann an Gàidhlig na h-Albann ach anns a’ chunntas a rinn Máirtín Ó Murchú air Gàidhlig Pheairt an Ear: iolair mór, an iolair; ach chan fhaodar cus earbsa a chur ann an iolair mòr, air a bheil coltas fireann, agus an iolair, air a bheil coltas boireann, ri thaobh.

Gheibhear An t-Iolaire Mòr aig ScotlandsPlaces, ach ’s e mearachd tras-sgrìobhaidh a tha sin agus An t-Ionaire Mòr an dà chuid ann an Leabhar nan Ainmean agus air a’ chiad mhap shia-òirlich aig an OS. ’S e ainm aibhne a th’ anns An t-Ionaire Mòr (NF 8136), a ruitheas seachad air Rudh’ an Ionair (sic) gu Loch Druidibeag. A rèir cruth bun na h-aibhne, is iongantach mana h-e ‘pit’ as ciall do dh’ionair(e) an seo (Dwelly, ‘pudenda’); coim. ainmean a leithid Gobhal na Caillich ann am Borghaston ann an Leòdhas (NB 1842). Tha Creag na h-Iolaire aig NF 9465.

Tha iolairin ‘isean iolaire’ aig Forbes na Gaelic Names of Beasts 7c, aig a bheil an t-aon dùnadh meanbhach ’s a gheibhear ann an cailin ‘caileag’ (Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 124, §93 (iv)).


2/29/2016

air fear/tè/feadhainn ...

Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair BI a chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan 7c (m.e. tha e fichead bliadhna a dh’aois). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structar leis a’ ghnìomhair IS a chleachdadh: is e dotair a th’ innte (nas sine: is dotair i).

Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structaran le BI agus an roimhear air:

(1)
Cuiridh an structar BI + cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean na Gàidhlig.

Thèid an structar a chleachdadh gu tric le brìgh anardaich a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): bha i air tè de na boireannaich a bu bhrèagha.

(2)
Gabhaidh air fear/tè fhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann.

(3)
A thuilleadh air seo, tha structar ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: tha muinntir an eilein sa air an fheadhainn as còire san dùthaich, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as còire san dùthaich.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 319–20, §346 (viii)(b)

2/05/2016

saoil ...

Gabhaidh an gnìomhair saoil ‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a bhuineas do na ciadfathan: saoilidh mi gur e; an saoil thu sin? cha s(h)aoil. Coim. cluinnidh sinn fuaim; am faic thu am bàta?; chan fhairich mi càil; an aithnich thu i?; chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às aonais riochdair phearsanta: saoil am faigh mi iasad air a’ chàr?

Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth làthaireach, bho thùs, a bh’ anns an tràth a th’ againn an-diugh mar thràth teachdail.

B’ àbhaist do chruthan co-thàthaidh (m.e. chuirinn ‘*chuireadh mi’ 7c) a bhith na bu chumanta sa chànan, agus chithear eisimpleir eile dheth seo sa chruth saoileam ‘saoilidh mi’, a chluinnear fhathast; ’s e sin an t-aon seòrsa crutha a gheibhear, mar eisimpleir, san òran ‘Oidhche Mhath Leibh’: Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh ‘tha mi a’ guidhe gum bi slàinte an-còmhnaidh còmhla ribh’.

Thachair dà rud dhan chruth saoileam: air an dàrna làimh, dh’fhairich cuid gur h-ann à *saoil leam a bha e, mar a th’ againn ann an (’s) math leam 7c; air an làimh eile, chaidh cruth caithte (tro shèimheachadh) a chur air agus, mar thoradh air seo, gheibhear saoileam/*saoil leam ‘saoilidh mi’ agus shaoileam/*shaoil leam ‘shaoil mi’.

Is math dh’fhaodte gur h-ann a chionn buaidh an fhacail saoil a chaidh am facal smuain (coim. SG smúainid ‘smuainichidh e’, agus SG smúained ‘smuaineachadh’) na smaoin (smaoinich, smaoineachadh) ann am mòran àiteannan.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 265, §281; dd. 268–69, §291 (ii) + bn 34

2/02/2016

ciad, ceudna ...

B' àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét- a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad. Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt ro ciad a rèir gnè agus àireimh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear (fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 179, §155 + bn 30

B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 217, §220

12/09/2015

barrachd, tuilleadh, còrr

Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:

barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr.

barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd air (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd co-ghnìomhair ‘nas motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd; a bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha a bharrachd; a bharrachd air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air’: a bharrachd air sin. 

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 186–87, §170
 
tuilleadh fir. (+ gin.) ‘uimhir eile’: tuilleadh fiosrachaidh; leis an alt: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh; tuilleadh agus ‘ro, cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; a thuilleadh air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air’: a thuilleadh air sin.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, dd. 189, §176 

còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail’: chan eil an còrr agam ri ràdh; le de: an còrr den ùine; còrr agus ‘nas motha na’: còrr is fichead bliadhna.

9/19/2011

foghain, a' fòghnadh

Nochdaidh an gnìomhair FOGHAIN 'bi gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 392, §437 (v)