5.2.16

saoil ...



Gabhaidh an gnìomhair saoil ‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a bhuineas do na ciadfathan: Saoilidh mi gur e; An saoil thu sin? Cha s(h)aoil. Coim. Cluinnidh sinn fuaim; Am faic thu am bàta?; Chan fhairich mi càil; An aithnich thu i?; Chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às aonais riochdair phearsanta: Saoil am faigh mi iasad air a’ chàr a-nochd?

Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth làthaireach, bho thùs, a bh’ anns an tràth a th’ againn mar thràth teachdail an-diugh.

B’ àbhaist do chruthan co-thàthaidh (m.e. chuirinn ‘*chuireadh mi’; chuireamaid ‘chuireadh sinn’ 7c) a bhith na bu chumanta sa chànan, agus chithear eisimpleir eile dheth seo sa chruth saoileam ‘saoilidh mi’, a chluinnear fhathast; ’s e sin an aon seòrsa crutha a gheibhear, mar eisimpleir, san òran ‘Oidhche Mhath Leibh’:  Guidheam slàinte ’ghnàth bhith mar ribh ‘tha mi a’ guidhe gum bi slàinte an-còmhnaidh còmhla ribh’.

Thachair dà rud dhan chruth saoileam, ge-tà: air an dàrna làimh, dh’fhairich cuid de dhaoine gur ann à *saoil leam a bha am facal, mar a th’ againn ann an (’s) math leam 7c; air an làimh eile, chaidh cruth caithte (tro shèimheachadh) a chur air an fhacal agus, mar thoradh air seo, gheibhear saoileam/*saoil leam ‘saoilidh mi’ agus shaoileam/*shaoil leam ‘shaoil mi’.

Is math dh’fhaodte gur ann a chionn buaidh an fhacail saoil a chaidh am facal smuain (coim. SG smúainid ‘smuainichidh e’, agus SG smúained ‘smuaineachadh’) na smaoin (smaoinich, smaoineachadh) ann am mòran àiteannan.