1/30/2011

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i'; an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...'. Dh'aithriste sgeulachd neònach mu thuathanach a bha a' fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh (a) ithe beò leotha.

1/15/2011

an-dràsta ~ a-nise

'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois.

Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 's e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta; (b) tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a) chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a) tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta; (b) tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a) mar sin leat an-dràsta; (b) dè leughas tu nis? Clisgeach: (b) nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a) an-dràsta is a-rithist.

1/10/2011

bidh tu ann a-màireach, nach bi? bithidh

Tha bidh (gun bheum: bidh e ann aig còig) na chruth lùghdaichte aig bithidh (SG bíid, beumte: am bi e ann? bithidh), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG ) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean ro-ghnìomhaireach (am bi thu fhèin ann? cha bhi) no an dèidh (tha i ag ràdh gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann).

1/03/2011

a' Challainn

Facal Laidinn (kalendae) bho thùs a chaidh na calainn/callainn, gin. cailne/caille,
san t-Sean Ghàidhlig. Sgrìobhar Callainn, gin. Callainn(e), an Gàidhlig na h-Albann, ach gheibhear Caileann (cho math ri Calann) an Gàidhlig na h-Èireann, a tha, a rèir choltais, na chùl-chinntinn air cailne gin. > caileann bun., coim. muilne gin. < muileann bun. 'S e 'a' chiad latha den mhìos' a bu chiall dhan fhacal an toiseach, mus deach a chuingealachadh gu 'a' chiad latha den bhliadhna', .i. Latha na Bliadhna Ùire; às a sin, Oidhche Challainn(e), .i. an latha ron Challainn.