9/21/2010

'tha mi a-mach às an oifis'

Beurlachas a tha seo. Ma tha e a' ciallachadh dad, tha e ag ràdh gu bheil thu a' gluasad bho thaobh a-staigh gu taobh a-muigh na h-oifis. A thaobh àite, 's e a-mach 'air ghluasad' agus a-muigh 'air stad'. Gus innse nach eil thu gu bhith san oifis airson greis air adhbhar air choreigin, feuch, mar eisimpleir, cha bhi mi air ais san oifis gu ..., bidh mi air falbh bhon oifis gu ... 7c.